AN TURAS
Ait’ Anns A’ Chòisir
Gheibh gach creutar àit’ anns a’ chòisir
Cuid a’ seinn àrd is cuid a’ seinn iosal
Cuid a’ seinn cho cruaidh sa ghabhas.
Cuid a’ bualadh am basan san casan sa h-uile càil a th’ann.
Na h-eoin bheag air bhàrr nan craoibh
An uiseag san smeòrach cho ceòlmhor, binn
Fiù nach do dh’fheuch a chailleach oidhche
Rud a fhuair an druid mì-chòrdail.
Seinn tron an oidhche, seinn tron an là
Cho fad’s nach robh an gleus ro àrd
Bha cuid aig nach robh cus ri radh
Bha cuid a bruidhinn riutha fhèin.
Thòisich na cait ’s na coin a leum
Nuair a chual iad am puirt-a-beul
Rinn an t-each san aiseal dannsa ceum
Bha am broc ’s e leis an tàmailt.
Seinnear an t-òran’s anns gach àit
Am mathon, an sionnach, sa bhò bhàn
Eisg a chuain is eòin an adhar
A h-uile gin ac’ a seinn còmhla.
Balachan Beag A’ Chuailein Bhàin
Balachan beag a’ chuailein bhàin
Thig a ghaoil ‘s thoir dhomh do làmh
Balachan beag a’ chuailein bhàin
Thèid sinn sràideag còmhla.
Cuailean maiseach sìodail bàn
Lùbach ‘s camlagach na bhàrr
Muineal mìn-gheal cuimir tlàth
Gàirdean ‘s làmh cho sonnraichte.
Gnùis cho aoibhneach lurach màld’
Sùil cho meachar, reultach sèimh
Cneas mar shneachd nam beanntan àrd
Fìor ghlan slàn gun sgòd air.
‘S bòidheach tha dà thaobh do chinn
Thar gach cluais tha cuachain ghrinn
Guth mar thormain chaochain ghlinn
Binn mar uiseag mointich.
A ruith sa leum a null sa nall
Tilgeil èiteagan san allt
Mireagaich mar uain sa ghleann
Feasgar samhraidh bòidheach.
An Turas
Tha na làithean a-nis a’ fàs nas fhaide
Ged tha fuachd a Gheamhraidh fhathast geur
’S tric bhiodh sinn a coimhead air adhart ri blàths an Earraich
Se sin an t-àm den bhliadhn’ air ’n robh ur miann.
’S iomadh mìle shiubhal sinn le chèil’
’S iomadh bàgh san do leag sinn acair
Tha ar turas a-nis a tighinn gu crìch
Sìn do làmh is thèid sinn dhachaigh.
’S iomadh tionndadh thàinig air ar beatha
Tro thoileachas ach cuideachd àm a bhròin
Gach ceum air an t-slighe chum sibh taic rium
Le neairt agus creideamh agus treòir.
Thug mi sgrìob an dè dhan Tobhta Raineach
Chan aithnichibh sibh an creagan far’m biodh fàilt’
Tha’n dachaigh far’n do dh’fhàs sibh ’n diugh aig talamh
Chan eil Pabuil mar a bha e na ur là.
Nam shuidhe seo a’ cuimhneachadh ’s ag ionndrainn
A’ smaoineachadh air làithean grianach m’òig’
Cho fad sa bhios mi beò bi mi cho taingeil
Airson an stiùireadh prìseil thug sibh dhòmhs’.
Cha Dachaigh Dhomh An Saoghal
Cha dachaigh dhomh an saoghal, chan eil mi ach air chuairt
Gur h-e am baile mhaireas mo dhìleab is mo dhuais
Tha Ainglean Dhè gam thàladh dhachaigh Phàras shuas
’S cha bhi tàmh dhomh gu bràth anns an fhàsach nach buan.
’S e ’n Tighearna Dia mo charaid dìleas, dlùth
As aonais rioghachd neamh tha mi gun neart, gun iùil
Tha Ainglean Dhè gam thàladh dhachaigh Phàras shuas
’S cha bhi tàmh dhomh gu bràth anns an fhàsach nach buan.
Tha màthair chaomh gam fheitheamh nuair gheibh mi thìr an àigh
’S cha lasaich mi gun cuartaich a gàirdean mi le gràdh
Bidh làmhan sìnt gam tharrainn dha na nèamhan shuas
’S cha bhi tàmh dhomh gu bràth anns an fhàsach nach buan.
An tìr na glòir gum meal sinn beatha shiorraidh bhuan
Na naomh gu lèir mun cuairt a’ cuir an cèill ar buaidh
Le laoidhean àlainn, binn san àros shona shuas
’S cha bhi tàmh dhomh gu bràth anns an fhàsach nach buan.
Mo Nighean Donn ’s Toigh Leam Thu
Mo nighean donn’s toigh leam thu
S toigh leam fh`^n a’ ghruagach
S tu ainnir dhonn as bòidhche leam
Rim bheo cha toir mi fuath dhut
Chan eil i anns a bhaile seo
No’n cala far an gluais mi
Bean òg a nì mo thàladh
A ghràidh, no chumas bhuam thu
Cha cheil mi air mo chàirdean e
Chan àicheadh mi don t-sluagh e
Gur ann am baile Mhàrraig
Tha’m pàisde rinn mo bhuaireadh
Their cuid nach eil mi dìleas dhut
S mi sgr`ôbhadh gu gach gruagaich
O ghaoil, chan eil an fhìrinn ann
Ach innleachd gus ar fuadach
Bu tric ’s na taighean dannsa mi
S fo dhràm aig iomadh uair ann
Nuair b’aotrom bhiodh an ceann agam
S ann ort bu teann mo smuaintean.
Ged nach cuir mi’n seòmar thu
An caisteal mòr nan uaislean
Nach iomadh pàisd’ a dheònaich siud
S tha sileadh dheòir le gruaim annt’.
Bheir mi fàinne bhòidheach dhut
Den òr is clachan luachmhor
Is bheir mi fàinne pòsta dhut
Is còmhnadh air mo chluasaig.
Soraidh leis an àilleagan
Tha tàmh san eilean uaine
Ma philleas mise sàbhailte
S e’m bàs a chumas bhuat mi.
Poaching Days
​
I remember poaching days in the hills of Kernsary
Walking tall where the shadows fall
and the deer run far and free
Going away on a winter day and leaving cares behind
Going where the bold ones dare to poach a mountain hind.
Hand me down my walking stick,
My telescope and gun
I’ll be away on a new born day
In the rays of a rising sun
I’ll be gone where the lure is strong
And something’s calling me
Back again where the shadows are playing
In the hills of Kernsary.
Poaching man, the wild life ran
In the hills before our time
No man owns what freely roams
Beyond the far skyline
So sling your gun in the morning sun
And leave your cares behind
Sons of Loch Ewe, it’s up to you
To poach your mountain hind.
Hand me riches, pour me wine
And I might shake your hand
I prefer to wander there
In the hills of my homeland
So guide my steps to the mountain ridge
Where the cold and wild winds blow
Let me be where my eyes can see
The deer herds far below.
Nuair A’ Bhristeas An Là
​
Anns an tìr tha nas prìseal na ’n t-òr
Ann an dòchas neo-bhàsmhor san uan
Thig sinn sàbhailt gu Athair na glòir
’S E cuir fàilt’ oirn don dachaigh bhith-bhuan.
Nuair a bhriseas an là
Nì sinn tàmh anns a chaladh tha ait
Nuair a bhriseas an là
Nì sinn tàmh anns a chaladh tha ait.
Nì sinn saoibhreas le laoidhean cho binn
Seinn air cliù dùthaich bheannaichte ’n àigh
Cha bhi sgàil ann air fàire a chaoidh
Cha bhi osna no bròn ann gu bràth.
Nì sinn moladh don Athair tha fial
A thug dhuinn tiodhlac glòrmhor a ghràidh
Nì sinn sòlas gu siorraidh an Dia
Airson miorbhail a thròcair gach là.
Gur Trom A Tha Mi
Gur trom a tha mi bhon dh’fhàg mi ghruagach
Gur trom a tha mi air bhàrr nan cuantan
Gur trom a tha mi bhon dh’fhàg mi ghruagach
S a rinn mi d’fhàgail, O ghràidh, mo smuain ort.
San uair a sheòl sinn à Cluaidh Dihaoine
Gad sgaradh bhuamsa bu chruaidh an smaoin e
Chaidh mis’ air cluasag nam shuain gu tùrsach
Ach’s fhada bhuat-s a bha mi luaidh nuair dhùisg mi.
Bu dhorch an neul bh’air na speur fo ghruaman
Bha’n fhairge beucadh sa ‘g èirigh suas oirr’
Bha neart a’ chuain air an luing toirt buaidh oirr
Le osan throm air gach tonn a bhuail e.
Tha mis air luing dol a null le sòlas
Gu tìr nam beanntan nan gleann ‘s nan òban
‘S air tonn bho thonn ‘ s i le sunnd a seòladh
Gam thoirt le fonn chun tè dhonn as bòidhche.
‘S nach fhalbh thu leam-s a dh’Eilean Leodhais m’eudail
Tha mais an t-samhraidh gu mal cuir sgeul air
Gach cnoc is gleann a tha ann cha trèig mi
Oir’s buan an dàimh tha gar snaim ri chèile
A’ Fàgail Hiort
Fàgaidh sinn am Biobull fosgailt’
Aig leabhar Ecsodus mus fhalbh sinn,
Dùinidh sinn gu lèir na dorasan,
Cianail, cianail dol à sealladh.
An cois dhaoine thàinig galair,
’S dh’fhulaing sinne buaidh a’ chogaidh,
Ràn nam banntraichean ’s am pàisdean
Caoidh nan laoch nach tàinig dhachaigh.
Cuimhneachadh a liuthad oidhche
Shuidh sinn còmhla mu na teintean,
A’ fàgail Hiort tràth sa mhadainn,
Son dachaigh ùr an tìr a’ Ghaill.
Naoi ceud deug is naoi air fhichead,
Sin an Geamhradh a bu mhiosa,
Chaill sinn Màiri leis a’ chaitheamh
Deòir nar sùil is cràdh nar cridhe.
Laigh a’ ghrian air uachdar mara
Nuair sheòl sinn a-mach Bàgh a’ Bhaile,
Eilean àlainn, iomadh aisling,
’S duilich leinn a bhi ga fhàgail.
Chan Eil Bhuam Thu Ach An Caol
Fàill ill i ho rò mo chailin
Fàill ill i ho rò mo ghaol
Sùgradh gura tu mo chuachag
Chan eil bhuam thu ach an caol.
Fada bhuam a chì mi’n Cliseam
Monadh far an robh mi sealg
Far an robh mi òg nam bhalach
Tha e’n diugh car fad air falbh.
Nam biodh am muir cho cruaidh ‘s gu seasainn
Air a thonnan dhèanainn falbh
’S chuirinn m’ aghaidh air na Hearadh
’S cha thillinn ri uisg’ no stoirm.
Nam biodh bùird MhicLeòid Dhùn Bheagain
’S ceò na maidne dhiubh air falbh
Gheibhinn sealladh air do bheannaibh
Gu ruig mi thu, tha fadachd orm.
Tha mise seo air cùl Cnoc Heile
’S ò gu bheil nis’ mulad orm
On chuala mi gu bheil fear eile
’N tòir na tè thug dhomhsa dealbh.
Chan fhaigh thu bhuamsa litir tuilleadh
Freagairt airson gin a dh’fhalbh
Cha tig aon dhiubh air mo shloinneadh
No tè a dhleasas oirre m’ainm.
Chunnaic Mi Solas
Bha mise nam fhògarach, nam pheacach bha mi
Cha leiginn mo Shlànaighear a-steach ga mo bheath’
An uair sin thàinig Iosa mar strainsear san oidhch’
Glòraich an Tighearna, chunnaic mi soills’.
Chunnaic mi solas, chunnaic mi soillse
Chan fhaic mi dorchadas, chan fhaic mi oidhch’
Tha mi nis cho toillicht’ gun bròn na mo beath ’
Glòraich an Tighearna, chunnaic mi soills’.
Mar dhuine bha dàll bha mi dol air mo rathad
Gach uallach is dragh air mo ghlualainn-s a-mhàin
Nis mar fear dàll dan tug Dia air ais a fhradharc
Glòraich an Tighearna, chunnaic mi soills’.
A siubhal nam fhògarach, gòrach bha mi
Dìreach bha’n rathad is cumhang bha’n t-slighe
Na dòighean a bh’agam, tha ceartas nan àit’
Glòraich an Tighearna, chunnaic mi soills’.